An ciaradh m'fheasgair 's mo bheath' air claoidh
Mo rosg air dunadh 's a' bhas gun chli
Stiuir curs' an lar leam gu eilean ciatach
Gu aignish sgiamhach far an d'araich mi

An sin gun cairich sibh mi 'san fhod
A measg mo chairdean 'smo shinnsrean coir
Ri tonnan barr-gheal a' bualadh traghad
'Sri machair aignish nan laoigh 's nam bo

Bi eoin an aite gach la ri seinn
'S an iarmailt ghorm sin gu h-ard os cionn
Is machair aignis ri taobh na traghad
Gu tosdach samhach 's mi sint' 's a' chill
    Page 1 / 1

    Lyrics and title
    Chords and artist

    reset settings
    OK